| www.slider.com Still searching the hard way? Try the Free Slider Search Toolbar and spend less time searching!!
|
Sponsored Link
|
Àite nan òran ann an dualchas eachdraidheil na Gàidhealtachd. Faclan agus faidhlichean claisneachd airson cuid de dh'òrain.
Luchd-ciùil ann an eachdraidh na Gàidhealtachd - clàrsairean, pìobairean, fidhleirean, teaghlaichean.
Féis cheud bliadhna a dh'aois a mhaireas fad seachdain agus a tha ga ceumail ann am baile diofraichte gach bliadhna. Le farpaisean ann an seinn, còisirean ciùil, dràma agus eile. Tha An Cumann Gaidhealach ga stiùireadh.
Fèis bhliadhnail a thòisich ann an 2005. Air a dealbhadh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhonn ri Fèisean nan Gàidheal agus PAN. Tachartasan air feadh na Gaidhealtachd, leis a' Ghàidhlig 'nan cridhe, leis na ceòladairean agus seinneadairean òga as fheàrr a th' ann, còmhla ri ceòladairean proifeiseanta ainmeil.
Làrach-lìn airson a' phrògram telebhisein agus réidio "Aig Cridhe ar Ciùil". Cruinneachadh de dh'òrain Ghàidhlig - na facail agus clàraidhean ùra dhiubh bho sheinneadairean matha. Tha na h-òrain air an cur ann an ochd roinnean, agus tha sgrìobhadairean eadar-dhealaichte air aistean ghoirid a dhèanamh 's iad a' meòmhrachadh air na cuspairean seo.
Rona Lightfoot a' bruidhinn air a' phrògram réidio Facal Oirbh mu: canntaireachd, agus port a thàinig bho na daoine-sìthe; bhith ag ionnsachadh pìobaireachd leis an fheadan bheag; agus ainmean airson nan gluasadan a nithear air feadan na pìoba.
|